Naidheachan Chlì / Clì News

Naidheachan Chlì / Clì News

Naidheachdan Chlì le Nicola Carty. News from Clì by Nicola Carty.
A charaid,
Anns an ùine gheàrr a dh’fhalbh, tha Bòrd Stiùiridh Chlì air a bhith a’ leasachadh ro-innleachdan ùra airson Clì san àm ri teachd. Às dèidh coinneamh a’ Bhùird air an 25mh dhen Fhaoilleach, tha sinn air co-dhùnadh gum feum sinn mòdail na buidhne atharrachadh gu cunbhalach, bho dheireadh Màrt na bliadhna-sa. Tha sin air sgàth nan atharrachaidhean mòra a thathas a’ cromadh air an t-suidheachadh mhaoineachaidh anns gach roinn aig an àm seo.
Bidh sinn a’ dùnadh an oifis againn ann an Inbhir Nis, agus a’ cur stad air na clasaichean againn, Cothrom Ùr, agus na seirbhisean eile a th’ againn anns na mìosan a tha romhainn. Leigidh ar stiùiriche eadraiginn dhith a dreuchd anns a’ Ghiblean. Tha sinn tàmailteach gu bheil an dithis luchd-obrach làn ùine eile a tha nar measg iad fhèin a’ call an cuid obrach air an 31mh dhen a’ Mhàrt 2016.
A charaid,
The Board of Directors has, over the past number of weeks, been developing new strategies for the future of Clì. Following a meeting of the Board on 25th January 2016, we have decided that, due to changes in the current funding landscape across all sectors, it will be necessary to make substantial changes to our organisational model, from the end of March this year.
We will be closing down our Inverness office, and ceasing the provision of classes, Cothrom Ùr, and other services for the next number of months. Our interim director will be retiring in April. We regret to say that our other two full-time members of staff will be made redundant on 31st March 2016.
A dh’aindeoin nan atharraichean seo, tha sinn fhathast airson Clì a chumail a’ dol mar ghuth an neach-ionnsachaidh inbheach. An-dràsta tha sinn a’ leasachadh iarrtasan airson sheirbheisean a bu mhiann leinn a chur mur coinneimh san àm ri teachd, a’ gabhail a-steach dreach ùr dhen iris Cothrom Ùr, clasaichean còmhraidh ùra, agus seirbhisean eile airson ur cuideachadh ann a bhith a’ conaltradh leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig. Despite these changes, we remain committed to the survival and development of Clì as the voice of adult learners. We are currently developing proposals for future services, including a re-formatting of Cothrom Ùr, re-designed conversation classes, and other services to assist you, our membership, in engaging with the Gaelic-speaking community.
Ged a bhios na mìosan a tha romhainn air leth dùbhlanach, tha sinn misneachail mun a’ chothrom a th’ againn ath-chruthachadh a dhèanamh air Clì a’ cromadh gu sònraichte air ballrachd is freumhaichean na buidhne. Cumaidh sinn fiosrachadh ribh thairis na mìosan a tha romhainn gus innse dhuibh mun leasachadh a tha sinn an dùil a dhèanamh. Bu mhath leinn cuireadh a thoirt dhuibh a bhith an lùib a’ phròiseas seo: ma tha ùidh agaibh a bhith an-sàs sa Bhòrd Stiùiridh mar bhall co-thaghta, le bhith a’ cur an cèill ur n-ùine neo ur n-eòlas gu saor-thoileach, nach leig sibh fios thugainn?
A bharrachd air sin, tha sinn a’ dèanamh fiughair ri obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile thairis na mìosan a tha romhainn airson an ro-innleachd Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh inbheach a thoirt gu buil. A-rithist, ma tha ùidh agaibh a bhith an lùib a’ phròiseas seo, nach leig sibh fios thugainn? Tha an ro-innleachd ùr, a thathar a leasachadh an-dràsta, a’ sealltainn an dealas aig Bòrd na Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh inbheach, agus tha sinn a’ gabhail gu togarrach a’ chothruim airson co-obrachadh còmhla ri iomadh buidheann – a’ gabhail a-steach Bòrd na Gàidhlig, oilthighean Albannach, agus eile – airson a cur an cleachdadh.
Although the next four or five months will be extremely challenging, we are optimistic about this opportunity to remodel Clì as a more membership-focused, grass-roots organisation. We will remain in contact over the coming months, to keep you up to date with these developments. We would like to invite you to participate in this process, either through joining the Board of Directors as a co-opted member, or through volunteering any time or offering expertise to assist the Board. If either of these options interests you, please let us know.
We are furthermore looking forward to working with Bòrd na Gàidhlig and other partners over the coming months to implement the new Gaelic for Adults strategy which is currently being developed. Again, if it would interest you to participate in this process, do let us know. The new strategy demonstrates Bòrd na Gàidhlig’s commitment to supporting adult learners, and we welcome the chance to collaborate with a range of groups – including Bòrd na Gàidhlig, Scottish Universities, and other learning providers – to put it into practice.
Tha sinn gu mòr an taing taic ar cuid bhallrachd aig an àm dhoirbh seo agus nì sinn ar dìcheall taic a chumail ribh fhad ’s a tha sibh ag ionnsachadh na Gàidhlig. A thuilleadh air sin, tha sinn gu mòr an taing Bòrd na Gàidhlig airson an cuid taic do Chlì thairis air iomadh bliadhna. Tha sinn toilichte a ràdh gu bheil conaltradh cuideachail leantainneach a’ dol eadarainn fhìn agus Bòrd na Gàidhlig air na tha romhainn, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha san àm ri teachd gus na tha romhpa agus romhainne a choileanadh airson maith luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig.
Leis a h-uile deagh dhùrachd,
Nicola Carty, às leth a’ Bhùird Stiùiridh
We are very grateful for our members’ support at this challenging time, and we will continue to do all we can to help you maximise your progress on your Gaelic-learning journey. We are furthermore extremely grateful to Bòrd na Gàidhlig for all their support to Clì over the years. We are pleased to say that we are continuing to engage in constructive dialogue with Bòrd na Gàidhlig about our future, and we look forward to working with them to fulfil their, and our own, ambitions for the adult Gaelic learner community.
Leis a h-uile deagh dhùrachd,
Nicola Carty, on behalf of the Board of Directors

 

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach

'S urrainn dhut na tagaichean is buadhan HTML a leanas a chleachdadh: <a href="" title=""> <abbr title=""> <acronym title=""> <b> <blockquote cite=""> <cite> <code> <del datetime=""> <em> <i> <q cite=""> <strike> <strong>